November 03, 2008

’s urrainn, ’s urrainn dhuinn!

Tha mi’n dùil gum bi Barack Obama ’na ath cheann-suidhe na Stàitean Aonaichte, agus cha bhi iongantas sam bith air na daoine a tha eòlach orm gum bithinn-fhìn fìor thoilichte air a’ sin. Co-dhiubh, thachair mi air a’ bhideo seo bho Louisiana le còmhlan zydeco a' seinn airson Obama, agus chòrd i rium òran mar seo ann am mion-chànan chluintinn.



Agus fhad ’s a tha mi air cuspair ceòl tradiseanta Ameireaganach, seo bhideo eile bho Charlottesville ann a’ Bhirdinia - far a bheil an teaghlach agam a’ fuireach a nis - le “hootenanny” airson “an t-atharrachadh a dhìth oirnn”.