April 21, 2008

a’ seinn ann an “drag”

O na rudan a chì sibh air YouTube! Seo tè (ahem) a’ “seinn” an òran Ba Ba Mo Leanabh (le guth a tha gu mìorbhaileach coltach ris a’ ghuth aig Màiri Sìne Nic Laomainn). Tha bhideos eile aice a’ gabhail òrain eile ’sa Bheurla ’s ann an Duidsis (’se 'k zag twee beren am fear as fheàrr leam). Ach a rèir na freagairtean air an duilleag seo, bha feadhainn de’n bheachd nach do chuir Gerda am faireachdainn cheart air - beagan tuilleadh is aotrom airson sgeul mu dhuine a chaill a cheann.