November 07, 2007

air imrich a rithist

Tha sinn air ais ann an Sasann Nuadh, far an d’fhuair a’ bhean agam obair aig oilthigh bheag air oirthir Chonnecticut. ’Se àite snog gu leor a th’ann, ged a tha e beagan neònach. Tha e glè “Sasann-Nuadhach” ann an dòigh – le seann-bhailtean mar Mystic leis a bàtaichean ’s a “clam shacks” agus le pailteas de ubhlan, pumpkins, agus siucar nan craobh. Ach, ’nam bheachdsa, chan eil coimhearsneachd ceart mun cuairt a seo. Tha a’ mhòr-chuid na bailtean “snog” tuilleadh is beairteach, agus an nuair sin tha bailtean bochd mar Lunnann Nuadh. Chuala mi gu bheil Connecticut an stàit as “stratified” anns na SA, agus cha bhiodh iongantas orm air sin.

Tha dà àite Innseanaich (“reservations”) an seo, baile Mohegan agus baile Pequot. Chan eil mòran daoine ann ach tha iad glè chudthromach o chionn ’s gu bheil casinos mòra aca – tha Foxwoods (aig na Pequots) am fear as motha ’san t-saoghal.

Aon rud eile a tha neònach an seo, sin ’s gu bheil Connecticut sgapte eadar “Dùthaich na Stocannan Dearga” agus an “Evil Empire”. Chan eil àite eile ann an Sasann Nuadh far a bheil mòran daoine a’ dol airson na Yankees. Dìreach mar cogadh catharra, bidh bràthair an aghaidh bràthair. Co-dhiubh, bha mise fìor, fìor thoilichte nuair a bhuannaich na Sox air a’ cho-latha brèith agam. Abair tiodhlac! Tha sinn uile a’ dèanamh an "Dannsa Papelbon" agus an “Okajima Oki-Doki” a nis!