November 10, 2007

2 fhilm mhath à Eirinn

Tha 2 fhilm ghoirid anns a' Ghàidhlig Eireannach ri fhaicinn air an eadar-lìon, an dà chuid le Daniel O'Hara:

Yu Ming Is Ainm Dom [Is Mise Yu Ming] - fear Sìneach, a' sireadh beatha ùr, air siùbhail ann an Eirinn. Tha e air Gaeilge a dh'ionnsachadh o chionn 's gu robh sin anns an atlas fo "Cànan Ofigeil". Ciamar a bhios e faighinn amach gun fhacal Beurla?

Fluent Dysphasia - le Stephen Rea a' cluich athair nach eil math ri bhruidhinn còmhla ris an nighean aige, gu h-àraid nuair a tha i a' sireadh cuideachadh leis a cuid Gaeilge anns an sgoil. Ach an dèidh oidhche cruaidh aig an taigh òsda . . . !

November 08, 2007

òrain ghàidhlig air myspace

Tha iomadh òrain Ghàidhlig ri fhaighinn air myspace an drasda. Seo cuid dhiubh:

Mary Jane Lamond
Margaret Stewart
Christine Primrose
Julie Fowlis
Margaret Bennett
Fiona MacKenzie
Meantime
Melody & Derrick Cameron (le Colin & Seumas Watson)
Norman MacKinnon
Mac Talla
MacKenzie
Alyth
Maggie Carchrie
Mill a h-Uile Rud
Oi Polloi
nad Aislingean

November 07, 2007

air imrich a rithist

Tha sinn air ais ann an Sasann Nuadh, far an d’fhuair a’ bhean agam obair aig oilthigh bheag air oirthir Chonnecticut. ’Se àite snog gu leor a th’ann, ged a tha e beagan neònach. Tha e glè “Sasann-Nuadhach” ann an dòigh – le seann-bhailtean mar Mystic leis a bàtaichean ’s a “clam shacks” agus le pailteas de ubhlan, pumpkins, agus siucar nan craobh. Ach, ’nam bheachdsa, chan eil coimhearsneachd ceart mun cuairt a seo. Tha a’ mhòr-chuid na bailtean “snog” tuilleadh is beairteach, agus an nuair sin tha bailtean bochd mar Lunnann Nuadh. Chuala mi gu bheil Connecticut an stàit as “stratified” anns na SA, agus cha bhiodh iongantas orm air sin.

Tha dà àite Innseanaich (“reservations”) an seo, baile Mohegan agus baile Pequot. Chan eil mòran daoine ann ach tha iad glè chudthromach o chionn ’s gu bheil casinos mòra aca – tha Foxwoods (aig na Pequots) am fear as motha ’san t-saoghal.

Aon rud eile a tha neònach an seo, sin ’s gu bheil Connecticut sgapte eadar “Dùthaich na Stocannan Dearga” agus an “Evil Empire”. Chan eil àite eile ann an Sasann Nuadh far a bheil mòran daoine a’ dol airson na Yankees. Dìreach mar cogadh catharra, bidh bràthair an aghaidh bràthair. Co-dhiubh, bha mise fìor, fìor thoilichte nuair a bhuannaich na Sox air a’ cho-latha brèith agam. Abair tiodhlac! Tha sinn uile a’ dèanamh an "Dannsa Papelbon" agus an “Okajima Oki-Doki” a nis!