September 26, 2006

dachaidh ùr

Rinn mi-fhìn 's mo theaghlach imrich bho Massachusetts an Iar gu Columbus, prìomh-bhaile Ohio, far an d'fhuair mo bhean obair-bliadhna aig An Oilthigh Stàit Ohio. Cha robh mi ann a seo riamh, ach tha e a' còrdadh rium math gu leòr. Fhuair sinn àite ri taobh abhainn bheag agus ged a tha sinn ann am meadhan a' bhaile mhòir, tha i glè sàmhach aig an taigh (well, ok, 'se condo a th'ann...).

Bidh mise 'nam "athair fuireach-aig-an-taigh" am bliadhna, agus is mòr mo thoileachas air sin. Tha Dalia Eilidh a' tòiseachadh ri snàig a nis, agus thòiseach i cuideachd, nuair a bha mi a' gabhail biadh dhì, ri ghabhal biadh dhomhsa - a' togail Cheerio an dèidh Cheerio agus 'gan cur 'nam bheul. Toighms math.

Chan eil mi glè eòlach air Columbus fhathast. Seo far an do thogadh Phil Ochs, seinneadar/sgriobhadair poileataigeach bho na 60-an. Air an taobh eile, seo far an do thòisich Wendy's Hamburgers. Ach an rud as motha an seo, 'se gun teagamh an sgioba ball-coise Ameireaganach aig an oilthigh. Chan fhaca mi riamh a leithid - gach Disathairne bidh lèine neo ad dearg air a h-uile duine bho 8 gu 80, agus mun cuairt an oilthigh tha e mar siorcas, le loine fada de charaichean-phoileas. Agus sin amuigh a' stadium - bidh ceud mìle daoine istigh.

Well, feumaidh ri ràdh gu bheil mi coma co-dhiubh. Cha robh mi riamh measail air "college football" mar a chanas iad. 'S fheàrr leam an NFL (ball-coise Ameireaganach profeiseanta), camanachd-dèigh (hocaidh), agus gu h-àraidh ball-stèidhe (ha ha, sin am facal aig an stòr-data air baseball, ach an do chleachd cuideigin riamh e?). Ach chan eil mi airson a bhi bruidhinn air na Stocainnean Dearga an dràsda. Cùmaidh mi m'inntinn air 2004 - "...agus seo Dave Roberts a' ruith airson Millar..." Ahhh, toighms math.