May 11, 2006

puirt-a-shooby

Tha Louis Armstrong gu math ainmeil mar trombaidear agus seinneadair - gu h-àiridh an seinn "scat". Tha cuideigin ag ràdh gum b'esan a' chiad duine a chuir scat air a chlàradh, nuair a thuit am paipear far an robh na faclan a bha e a' gabhail. Co-dhiubh, 's toil leam seinn scat le Armstrong, Ella Fitzgerald, is eile. Ach 'se Uilleam "Shooby" Taylor, "The Human Horn", an seinneadair as fheàrr leam.

Nise, cha robh Shooby 'na sheinneadair math. Cha b'urrainn dha fonn a chumail, agus ghabh e "faclan" scat nach do ghabh duine riamh - "shoo poo plaw", "doo doo shraw", "poopy-poppy poopy-poppy", is mar sin. Agus, airson a' mhor-chuid de'n repertoire, rinn e seorsa de karaoke, a' seinn comhla ri clàraichean air a robh e measail - Johnny Cash, na Harmonicats, Mozart (!), is eile.

Mar sin, cha chuala sibh a leithid. Èisdidh mi ris nuair a bhios mi caran brònach, agus chan urrainn dhomh cuideachadh gun dèanamh gàire.

Seo duilleag leis na h-òrain aige, còmhla ri bhideo agus tuilleadh fiosrachadh.