March 08, 2006

taibhsean sonnenallee

Seo an naidheachd air an dealbh a tha aig ceann a’ bhluig seo.

Anns a’ bhliadhna 2003, bha mi ’fuireach còmhla ri mo bhean ann am Berlin. Bha sinn a’ fuireach air an t-sràid Sonnenallee ann an Neukölln, coimhearsnachd far bheil luchd-imriche Arabach is Turcach glè phailt. Co-dhiubh, bha mi ’dèanamh bhideo air an t-sràid nuair a thachair mi air “Uncle Sam’s”, bùth bheag a bha ’reic hamburgers ’s a leithid.

Bha e air taobh eile na sràide, agus nuair a bha mi ’ga filmeadh, thàinig bus a’ bhaile seachad.

Cha do smaointich mi air aig an àm, ach ùine beag an dèidh sin bha mi a’ coimhead air a’ bhideo, agus phut mi air “pause” dìreach nuair a bha am bus a’ dol seachad, agus chunnaic mi seo:

Chòrd an dealbh sin rium – bha an duine coltach ri taibhse, le Uncle Sam’s air a chùl, agus fuineadair Gearmailteach ri mo chùl, a’ nochdadh anns an uinneag. (le pretzel neon!) Le bhith stadadh a’ bhideo aig puingean eile, fhuair mi dealbhan math eile: taibhsean Sonnenallee.