February 22, 2006

caileagan nuas!

Ha ha. Mhothaich mi gu robh feadhainn à Portugal a’ tighinn gu tric dhan bhlog seo, o chionn ’s gu robh iad a’ googleadh an fhacail “nuas”. Uill fhuair mi amach bho faclair Portugais air an eadar-lìon gu bheil “nuas” a’ ciallachadh “lomnochd”. Obh obh, a chàirdean, tha mi duilich – nach e briseadh-dùil mòr a bh’ann dhuibh a’ tighinn an seo. Ach cumaidh mi orm m’aodach, muito obrigado.