January 14, 2006

a’ seinn air “a’ chlàrsach naomh”

Tha mi glè mheasail air òrain “sacred harp”. ’Se seann cheòl Ameireaganach a th’ann, a thainig amach bho na h-eaglaisean Pròsdanach ann an Sassainn Nuaidh. Bhàs e an sin anns an 19mh linn ach aig an aon àm dh’imrich e gu na stàitean a deas, far a bheil e beò fhathast mar beul-aithris diadhaidh. Ach an drasda, tha na h-òrain air an seinn a rithist ’san Tuath ann an ath-bheòthachadh saoghalta. ’Se ceòl dian, fiadhaich a th’ann, oir tha a h-uile duine a’ seinn gu àrd agus coma leotha guthan “bòidheach”. Èisdibh ris na h-òrain seo bho’n còmhlan far a bheil mi a’ fuireach:

Western Massachusetts Sacred Harp Community


Tha bhideo ann cuideachd air an duilleag seo, agus chìthear mar a tha iad suidhichte, le ceàrnag fhalamh – a h-uile duine a’ coimhead air a cheile – agus neach-stiùridh ’sa mheadhan. Anns a’ bhideo seo, ’se Peter King am fear-stiùridh, agus is esan drumair leis a’ chòmhlan Cordelia’s Dad – bidh iad a’ cur seann cheòl mar seo ri cheile le ceòl roc is punc. Tha an seinneadair, Tim Eriksen, ri fhaicinn air an duilleag-dhachaidh – is esan am fear maol air an taobh chlì. Bha guth Thim anns an fhilm Cold Mountain – b’esan guth Bhreandain Gleeson. Bha òrain sacred harp anns an fhilm cuideachd.

Carson a tha an t-ainm “sacred harp” air a’ cheòl seo? ’Se a’ ghuth a th’ann an clàrsach naomh. Tha ainm eile air cuideachd – soin chruith neo “shape note”, oir tha cruth air gach soin – fa sol la agus mi. Leis a’ mhòr-chuid na h-òrain, bidh iad a’ seinn na soinean mus tòisich iad air na faclan. Seallaibh eisempleir an seo. A bheil sibh eòlach air an òran seo, Plenary? Nach eil? Well, èisdibh ris an seo, bho seinneadairean ann am Mississippi (tha Plenary sios faisg air bonn na duilleag). Ach ’s docha gu bheil na faclan aig Raibeart Burns nas fheàrr airson Oidhche Challainn!