December 19, 2005

coiseachd na nollaige

Bha mi an Washington DC aig toiseach na mìos seo agus bha cothrom agam ri coiseachd còmhla ris A' Chomunn Gàidhealach America aig Coiseachd na Nollaige an Alexandria, Virginia. Bha e gu math inntineach. Chan eil cuimhn' 'am cuin a chunnaic mi breacan is pìobairean cho pailt. Agus bha gach seorsa de chù ann cuideachd. Agus Elbheas!



Bha sinn ag eughachd Nollaig Chrìdheil! agus Bliadhna Math Ùr! dha na daoine a bh'air an t-sràid. Agus cha b'urrainn dhomh cuideachadh gun eughachd agus Chanuca Math Dhuibh! as an dèidh. Co-dhiubh seo na daoine aig ACGA: