November 11, 2005

tha (beagan) foghar ann fhathast


Is e seo an t-àm as àillidh leam de’n bliadhna – eadar an t-Sultain agus deireadh na bliadhna. Tha Sasann Nuadh gu math ainmeil airson dathan nan craobh as t-foghar, agus bidh na “leaf-peepers” a’ tighinn bhon a h-uile h-àite anns an Damhair, nuair a bhios na duilleagan as bòidhche. Ach tha rudeigin bòidheach cuideachd leis na tha tachairt an dèidh sealladh an Damhair, nuair a bhios na deargan ’s na buidhean a’ tionndadh gu donn, agus gach craobh agus lus a’ fàs ruisgte. Is am blas beag mu dheireadh dhe’n fhoghar am blas as millse.


(air rathad rothair a tha ri'm thaobh ann an Hampton a Tuath)