November 23, 2005

rubha eagail (counselor!)

Bha prògram ùidheil air an rèidio ann an Carolina a Tuath an t-seachdain sa chaidh. Bha Mìcheal Newton, deagh sgoilear nan Gàidheal, a' bruidhinn mu dheidhinn a' mheasgachadh culturach eadar na Gàidheal agus na h-Ameireaganaich-Afraigeach anns a' choimhearsnachd Cape Fear. Bha Mìcheal ag ràdh gu robh Gàidhlig air a bruidhinn anns na h-eaglaisean Dubha nas anmoiche na bha i 'sna h-eaglaisean "Gàidhealach". Co-dhiubh tha am prògram ri fhaighinn mar foidhle mp3 aig làrach lìn WUNC.