November 24, 2005

latha buidheachais agus cànan wôpanâak

’Se Latha Buidheachais a th’ann an diugh anns na Stàitean. Mar a tha an stòraidh a’ dol, tha sinn a’ cuimhneachadh dinnear mòr a rinn na “Pilgrims” agus na h-Innseanaich ann am Plymouth, Massachusetts ‘sa bhliadhna 1621, agus a’ chàirdeis is deagh dhùrachdan a bha eadorra. Ach, mar am biodh sibh an dùil, ’s iomadh Innseanach nach eil idir taingeil airson na Pilgrimean agus an dìleab. Air an son, ’se Latha Naiseanta fo Bhròn a th’ann an diugh.

’Se na daoine Massachuset (“àit’ a’ chnuic mhòir”) neo Wampanoag (wôpanâak, “daoine beul an latha”) a bha ’fuireach ann am Plymouth (Patuxet) nuair a ràinig na Sassanaich ann an 1620. Tha a’ mhòr-chuid dhiubh an drasd’ ann an dà choimhearsnachd ann am Massachusetts: Mashpee, air Rubha nan Trosg, agus Aquinnah, air eilean Martha’s Vineyard.

Bha cànan Algonquian aca, càirdeach ri cànain mar Mi’kmaq, Abenaki, Mohegan-Pequot, Delaware, agus, beagan nas fhaide air falbh, Cree, Blackfoot agus Cheyenne. Rinn ministear Sassanach eadar-theangachadh a’ Bhìobuill ann an 1663, agus tron 17mh agus 18mh linn bha litearrachd anns a’ chànan gu math cumanta. Chaidh Wampanoag gu bàs mar cànan làitheil mu 100 bliadhna air ais, ach mhair beagan dhi gu meadhan an 20mh linn: èisdibh a’ seo ri mp3 air ùrnaigh dhan Spiorad Mhòr le Chief Wild Horse (am measg clàraichean de chànain eile).

Nis tha na Wampanoagan a’ tòiseachadh air ath-bheòthachadh an cànan. Fhuair tè dhiubh, Jessie Little Doe Fermino, PhD ann an Cànanachas bho MIT, agus tha i air beulaibh an strì. ’Se rud mìorbhaileach a bhiodh ann nam faigheadh Wôpanâak guth ùr – airson na Wampanoagan fhèin, agus airson an t-saoghail mhòir. Bhiodh sin lethsgeul airson buidheachas co-dhiubh.

(Seo duilleag le tuilleadh fiosrachadh)