November 17, 2005

bha fios 'am gu robh DC làn pod people

Tha guth ùr, beothail ann an saoghal na Gàidhlig a' tighinn bho Washington, DC - àite nas ainmeil airson guthan aosda, breugach. Seadh, chan ann a DC fhèin a tha Gaelcast, ach pìos goirid air falbh, ann an Alexandria, Virginia. 'Sann le Micheal Mac Aoidh, Eideart Bradshaw agus Liam Ó Caiside a tha am . . . pod? . . . seo. 'S aithne dhomh Liam bhon "circuit" Gàidhlig Cheap Breatainn, agus 'se duine gasda a th'ann gu dearbh. Agus tha Gaelcast fhèin fìor ùidheil.

Tha 6 prògraman ri fhaighinn agus tha deagh mheasgachadh annta: agallamhan, naidheachdan, ceòl is òrain. Bha iongantas math orm ri chluintinn reacòrdadh de Eardsaidh Ailig Sheumais MhicChoinnich, nach maireann, à Eilean na Nollaige, a' gabhail naidheachd agus òran. Cha tig a leithid tuilleadh, agus 'se rud prìseil a th'ann gum faod duine sam bith 'ga chluintinn le clioc putan. Cha d'fhuair mi-fhìn cothrom ri dhol a Cheap Breatainn am bliadhna, agus bha a' phrògram seo a' cur 'nam chuimhne carson a tha mi cho measail air an àite.

Co-dhiubh, tha Gaelcast a' boillsgeadh (neo a' sruthadh) bho gach cearn den Ghàidhealtachd Eadar-Naiseanta. Siuthadaibh 's èisdibh!