June 28, 2004

tha mi ann fhathast

Bha mi a’ smaoineachadh gum biodh barrachd ùine agam as t-samhradh airson a’ bhlòg, ach tha e coltach gu robh mi cearr. Ach tha mi ann fhathast – coimhead an sealladh ùr! – agus cuiridh mi postaichean an seo nas trice a nis. Tha mòran a’ tachairt, agus air tachairt – taghadh Eòrpach, taghadh Canadach, agus taghadh beag a’ seo a tha ‘tighinn.

Chunnaic mi Fahrenheit 911 agus ‘se film cumhachdach, cudthromach a th’ann. Nan robh sibh air leughadh na blògaichean air an taobh chlì gu dìleas, cha bhi mòran ùr ann. Ach mur a bheil fiosrachadh ùr ann, tha iomadh seallaidhean nach fhaic sinn air CNN, bho’n cogadh ann an Iraq gu Seòras Preas air laithean-saora. Aig a’ mhulti-plex far a bheil e a’ cluich an seo, bha h-uile ruith air a reiceadh air fad gach latha, agus bha an loidhne a’ dol amach dhan food court.

Sin agaibh an naidheachd bho Massachusetts an Iar co-dhiubh.