May 04, 2004

paipearan-naidheachd na h-Alba: olc-dèanaran!

Bha mi ag èisdeachd (gu mi-dheònach!) ri Bill O'Reilly fad greiseag an-diugh. 'Se aonar de na h-amadain faramach aig Fox News a th'ann: "right-wing blowhards" mar a their iad. Co-dhiubh, bha e a' gearan an-diugh gu robh paipearan-naidheachd an t-saoghail – gu h-àraid ann an Roinn Eòrpa – a' dèanamh cus sgrùdadh air cràdh nam prìosanach Abu Ghraib, agus a' cur cus coire aig na saighdearan Ameireaganaich. Gu sònraichte, bha e 'gearan mu dheidhinn a' phìos seo le Nìall MacAoidh anns an Sunday Herald, a tha ag ràdh:
Grim images of American and British soldiers torturing Iraqi prisoners have not only caused disgust and revulsion in the West, but could have forever lost Bush and Blair the moral high ground that they claimed to justify the invasion of Iraq.
Bha O’Reilly de’n bheachd gu bheil sin fìor-amaideach, agus bha e 'wonderadh carson nach robh an "Scotland Herald" idir a' sgrìobhadh mu dheidhinn oillteachas Ioslamach. Nise, tha mi cinnteach gu bheil Mghr. O’ Reilly uabhasach trang, a' sàbhaladh na dùthcha bho nàmhaidean an taobh chlì, ach tha e coltach nach robh e cùramach gu leor 'ga leughadh. Bha 10 pìosan ann am mìos 'sa chaidh far an do nochd na faclan "suicide bombers" (mar eisempleir: 68 die as suicide bombers strike in Basra; 'I saw a minibus full of children on fire, my neighbour torn apart'; Cardinal: Muslims not doing enough to condemn terror), agus bho 1998 bha mu 500 pìosan.

Ach ciamar an tèid aig duine cudthromach ùine gu leor ri leughadh 500 artaigilean, bho’n Herald a-mhàin? Neo 's docha nach d’fhuair e iad oir bha e 'sireadh an "Scotland Herald". Ach ’se duine tapaidh a th’ann; bhiodh cuideiginn eile bho Fox a' cantail "Ireland Herald".