March 15, 2004

a' cumail amach an t-saoghail ùr?

Rinn National Geographic liosta air na h-àitean-turasachd as fheàrr 's an t-saoghal airson rudan mar àrainneachd agus gleidheadh nan cultur. Fhuair na fjordan Lochlannaich a' chiad duais, ach bha Eilean Cheap Breatainn dìreach as an deidh. Bha a' Ghàidhealtachd 7 air an liosta.

An e rud math a bhith air "a list of tourism destinations to have best warded off the effects of modern-day life," mar a sgrìobh an New Zealand Herald? Agus a bheil e fìor gu bheil Ceap Breatainn a' cumail an culturan beò?
She said the 300-kilometre Cabot Trail, alive with traditional Acadian, Gaelic and Scottish cultures, gives Cape Breton that special something when it comes to tourism.
Gàidhlig agus Albannach? Co-dhiubh, seo rud a tha an còmhnaidh a' cur èis air leasachadh na Gàidhlig; bho shùilean luchd-stiùiridh na turasachd, tha cultur nan Gàidheal "beò" fhad 's a bhios duine le sloinneadh a tha toiseachadh le "Mac" a' cluich air an fhidheall, ann an stoidhle sam bith. Neo fhad 's a tha bùth ann far bheil iad a' reic breacan is cds.

Nise, chan eil mi ag radh nach eil deagh-naidheachd idir ann. Bha mi fìor thoilichte nuair a chuala mi gun d'fhuair Frangag Nic Eachainn, tè-dheasaiche A' Bhràighe, post ùr mar Oifigear Culturach airson riaghaltas Albainn Nuaidh, ag obair air leasachadh cànanach is culturach. 'S iomadh rud math a thachair ann an saoghal na Gàidhlig bho chionn 10 neo 15 bliadhna. Ach a dh'aindeoin sin, chan urrainn dhuinn radh nach eil a' Ghàidhlig a' dol sios. Agus sin an rud nach urrainn iad a' faicinn. Chì an luchd-turais cèilidhean is dannsaichean is iomadh rud breagha, ach chan fhaic iad a' chànan a' tuiteam eadar an linn a' dol seachad agus an linn a' tighinn.