June 20, 2009

tha an saoghal mòr 'gur coimhead




November 03, 2008

’s urrainn, ’s urrainn dhuinn!

Tha mi’n dùil gum bi Barack Obama ’na ath cheann-suidhe na Stàitean Aonaichte, agus cha bhi iongantas sam bith air na daoine a tha eòlach orm gum bithinn-fhìn fìor thoilichte air a’ sin. Co-dhiubh, thachair mi air a’ bhideo seo bho Louisiana le còmhlan zydeco a' seinn airson Obama, agus chòrd i rium òran mar seo ann am mion-chànan chluintinn.



Agus fhad ’s a tha mi air cuspair ceòl tradiseanta Ameireaganach, seo bhideo eile bho Charlottesville ann a’ Bhirdinia - far a bheil an teaghlach agam a’ fuireach a nis - le “hootenanny” airson “an t-atharrachadh a dhìth oirnn”.

September 30, 2008

fèis fhiolmaichean ghàidhlig ann an Ceap Breatainn

Bidh Féis Fhiolmaichean na Reul-iùil a' dol bho 3-5 an Dàmhair ann an Cladach a Tuath.

April 21, 2008

a’ seinn ann an “drag”

O na rudan a chì sibh air YouTube! Seo tè (ahem) a’ “seinn” an òran Ba Ba Mo Leanabh (le guth a tha gu mìorbhaileach coltach ris a’ ghuth aig Màiri Sìne Nic Laomainn). Tha bhideos eile aice a’ gabhail òrain eile ’sa Bheurla ’s ann an Duidsis (’se 'k zag twee beren am fear as fheàrr leam). Ach a rèir na freagairtean air an duilleag seo, bha feadhainn de’n bheachd nach do chuir Gerda am faireachdainn cheart air - beagan tuilleadh is aotrom airson sgeul mu dhuine a chaill a cheann.


April 19, 2008

Julie Fowlis air YouTube

a’ seinn "Bothan Àirigh am Bràigh Raithneach"

November 10, 2007

2 fhilm mhath à Eirinn

Tha 2 fhilm ghoirid anns a' Ghàidhlig Eireannach ri fhaicinn air an eadar-lìon, an dà chuid le Daniel O'Hara:

Yu Ming Is Ainm Dom [Is Mise Yu Ming] - fear Sìneach, a' sireadh beatha ùr, air siùbhail ann an Eirinn. Tha e air Gaeilge a dh'ionnsachadh o chionn 's gu robh sin anns an atlas fo "Cànan Ofigeil". Ciamar a bhios e faighinn amach gun fhacal Beurla?

Fluent Dysphasia - le Stephen Rea a' cluich athair nach eil math ri bhruidhinn còmhla ris an nighean aige, gu h-àraid nuair a tha i a' sireadh cuideachadh leis a cuid Gaeilge anns an sgoil. Ach an dèidh oidhche cruaidh aig an taigh òsda . . . !

November 08, 2007

òrain ghàidhlig air myspace

Tha iomadh òrain Ghàidhlig ri fhaighinn air myspace an drasda. Seo cuid dhiubh:

Mary Jane Lamond
Margaret Stewart
Christine Primrose
Julie Fowlis
Margaret Bennett
Fiona MacKenzie
Meantime
Melody & Derrick Cameron (le Colin & Seumas Watson)
Norman MacKinnon
Mac Talla
MacKenzie
Alyth
Maggie Carchrie
Mill a h-Uile Rud
Oi Polloi
nad Aislingean

November 07, 2007

air imrich a rithist

Tha sinn air ais ann an Sasann Nuadh, far an d’fhuair a’ bhean agam obair aig oilthigh bheag air oirthir Chonnecticut. ’Se àite snog gu leor a th’ann, ged a tha e beagan neònach. Tha e glè “Sasann-Nuadhach” ann an dòigh – le seann-bhailtean mar Mystic leis a bàtaichean ’s a “clam shacks” agus le pailteas de ubhlan, pumpkins, agus siucar nan craobh. Ach, ’nam bheachdsa, chan eil coimhearsneachd ceart mun cuairt a seo. Tha a’ mhòr-chuid na bailtean “snog” tuilleadh is beairteach, agus an nuair sin tha bailtean bochd mar Lunnann Nuadh. Chuala mi gu bheil Connecticut an stàit as “stratified” anns na SA, agus cha bhiodh iongantas orm air sin.

Tha dà àite Innseanaich (“reservations”) an seo, baile Mohegan agus baile Pequot. Chan eil mòran daoine ann ach tha iad glè chudthromach o chionn ’s gu bheil casinos mòra aca – tha Foxwoods (aig na Pequots) am fear as motha ’san t-saoghal.

Aon rud eile a tha neònach an seo, sin ’s gu bheil Connecticut sgapte eadar “Dùthaich na Stocannan Dearga” agus an “Evil Empire”. Chan eil àite eile ann an Sasann Nuadh far a bheil mòran daoine a’ dol airson na Yankees. Dìreach mar cogadh catharra, bidh bràthair an aghaidh bràthair. Co-dhiubh, bha mise fìor, fìor thoilichte nuair a bhuannaich na Sox air a’ cho-latha brèith agam. Abair tiodhlac! Tha sinn uile a’ dèanamh an "Dannsa Papelbon" agus an “Okajima Oki-Doki” a nis!

October 16, 2007

...agus an uair sin rinn mi headbutt air

Tha mi cinnteach gu bheil an ceann-naidheachd seo (air an taobh chlì) ag ràdh rudeigin dhuinn mu aigne Albannach fireannta. Ach gu dè'n rud? [Sràid na Càisge, Dùn Eideann, 5.7.2007]


January 23, 2007

riaghailtean an rathaid

Massachusetts:

September 26, 2006

dachaidh ùr

Rinn mi-fhìn 's mo theaghlach imrich bho Massachusetts an Iar gu Columbus, prìomh-bhaile Ohio, far an d'fhuair mo bhean obair-bliadhna aig An Oilthigh Stàit Ohio. Cha robh mi ann a seo riamh, ach tha e a' còrdadh rium math gu leòr. Fhuair sinn àite ri taobh abhainn bheag agus ged a tha sinn ann am meadhan a' bhaile mhòir, tha i glè sàmhach aig an taigh (well, ok, 'se condo a th'ann...).

Bidh mise 'nam "athair fuireach-aig-an-taigh" am bliadhna, agus is mòr mo thoileachas air sin. Tha Dalia Eilidh a' tòiseachadh ri snàig a nis, agus thòiseach i cuideachd, nuair a bha mi a' gabhail biadh dhì, ri ghabhal biadh dhomhsa - a' togail Cheerio an dèidh Cheerio agus 'gan cur 'nam bheul. Toighms math.

Chan eil mi glè eòlach air Columbus fhathast. Seo far an do thogadh Phil Ochs, seinneadar/sgriobhadair poileataigeach bho na 60-an. Air an taobh eile, seo far an do thòisich Wendy's Hamburgers. Ach an rud as motha an seo, 'se gun teagamh an sgioba ball-coise Ameireaganach aig an oilthigh. Chan fhaca mi riamh a leithid - gach Disathairne bidh lèine neo ad dearg air a h-uile duine bho 8 gu 80, agus mun cuairt an oilthigh tha e mar siorcas, le loine fada de charaichean-phoileas. Agus sin amuigh a' stadium - bidh ceud mìle daoine istigh.

Well, feumaidh ri ràdh gu bheil mi coma co-dhiubh. Cha robh mi riamh measail air "college football" mar a chanas iad. 'S fheàrr leam an NFL (ball-coise Ameireaganach profeiseanta), camanachd-dèigh (hocaidh), agus gu h-àraidh ball-stèidhe (ha ha, sin am facal aig an stòr-data air baseball, ach an do chleachd cuideigin riamh e?). Ach chan eil mi airson a bhi bruidhinn air na Stocainnean Dearga an dràsda. Cùmaidh mi m'inntinn air 2004 - "...agus seo Dave Roberts a' ruith airson Millar..." Ahhh, toighms math.

May 11, 2006

puirt-a-shooby

Tha Louis Armstrong gu math ainmeil mar trombaidear agus seinneadair - gu h-àiridh an seinn "scat". Tha cuideigin ag ràdh gum b'esan a' chiad duine a chuir scat air a chlàradh, nuair a thuit am paipear far an robh na faclan a bha e a' gabhail. Co-dhiubh, 's toil leam seinn scat le Armstrong, Ella Fitzgerald, is eile. Ach 'se Uilleam "Shooby" Taylor, "The Human Horn", an seinneadair as fheàrr leam.

Nise, cha robh Shooby 'na sheinneadair math. Cha b'urrainn dha fonn a chumail, agus ghabh e "faclan" scat nach do ghabh duine riamh - "shoo poo plaw", "doo doo shraw", "poopy-poppy poopy-poppy", is mar sin. Agus, airson a' mhor-chuid de'n repertoire, rinn e seorsa de karaoke, a' seinn comhla ri clàraichean air a robh e measail - Johnny Cash, na Harmonicats, Mozart (!), is eile.

Mar sin, cha chuala sibh a leithid. Èisdidh mi ris nuair a bhios mi caran brònach, agus chan urrainn dhomh cuideachadh gun dèanamh gàire.

Seo duilleag leis na h-òrain aige, còmhla ri bhideo agus tuilleadh fiosrachadh.

May 03, 2006

na h-amadain breacach nan reult

Dìreach mar a smaointich mi nach b'urrainn mo dhuthaich a' fàs nas amaideach . . .

Tha ùpraid anns na Stàitean an drasda air imrich-a-steach, gu h-àraidh bho dhuthchanan Latino, agus tha an luchd fo amharas àbhaisteach (Republicanaich agus cinneadaich eile) a' feuchainn ri chuir eagal oirnn ro'n Sluagh Donn a Tha Briseadh Isteach bhon Deas.

Nisd tha na daoine leth-ghlic aig ceann an riaghaltais a' gearan air eadar-theangachadh Spàinntis de'n laoidh nàiseanta a rinn luchd-ciùil Latino. Thuirt W gum bu choir an òran air a gabhail anns a' Bheurla a-mhàin - ged a sheinn e-fhèin 'sa Spàinntis e nuair a bha e a' lorg an Taighe Ghil.

Agus an drasda tha Lamar Alexander, Seanair à Tennesse, a' toirt bile dhan Seanaid "ri chuir 'nar cuimhne carson a tha sinn a' seinn an Laoidh Nàiseanta anns a' Bheurla." Tha sin a' cur 'nam chuimhne-fhìn air fealla-dhà math a rinn Robert Klein bho chionn bliadhnaichean:
Carson a tha iad a' cluich an Laoidh Nàiseanta ro geama-spòrs? Nuair a bhios mi aig Madison Square Garden a' coimhead na Knicks a' cluich, chan eil fios a dhìth orm gu dè'n duthaich anns a bheil mi:

"Ca bheil sinn, Uilleam, Latvia?"

[Oh say, can you see...]

"O, seadh, seadh, tha sinn anns na Stàitean Aonaichte - dhiochuimnich mi!"
Co-dhiubh, chuir an amaideas seo 'nam chuimhne gu bheil eadar-theangachadh Gàidhlig ann, a rinn Catrìona Nic Aonghais à Framboise, Ceap Breatainn nuair a bha i 'fuireach ann am Boston:
A' Bhratach Bhreacadh nan Reult

O am faic sibh gu moch an am bristeadh an tràth'
A ni dh'fhàg sinn fo uaill 'n am dol fodha na gréine,
Le chuid rionnagan soills' 'us na sgrìoban breac bàn
Thar an daighnich bho 'n àird troimh gach gàbhadh 'us éiginn?
'S gach ional-càtha 's gach fuaim bh' anns an iarmailt mu'n cuairt
Thug dhuinn dearbhadh troimh 'n oidhch' gu robh bhratach sin suas;
O! am bheil fathast a' bhratach air bheil breacadh nan reult
Os cionn dachaidh sluagh saor 'us àit' còmhnuidh nan treun?
Tha ceanglaichean air an duilleag seo le eadar-theangaichean eile - Spàinntis, Gearmailteas, Iodais, Ladainn, Frangais (Cajun), agus Samoan. Agus seo e ann am Polais. Bhiodh iongantas orm mur an robh tuilleadh ann.

March 08, 2006

taibhsean sonnenallee

Seo an naidheachd air an dealbh a tha aig ceann a’ bhluig seo.

Anns a’ bhliadhna 2003, bha mi ’fuireach còmhla ri mo bhean ann am Berlin. Bha sinn a’ fuireach air an t-sràid Sonnenallee ann an Neukölln, coimhearsnachd far bheil luchd-imriche Arabach is Turcach glè phailt. Co-dhiubh, bha mi ’dèanamh bhideo air an t-sràid nuair a thachair mi air “Uncle Sam’s”, bùth bheag a bha ’reic hamburgers ’s a leithid.

Bha e air taobh eile na sràide, agus nuair a bha mi ’ga filmeadh, thàinig bus a’ bhaile seachad.

Cha do smaointich mi air aig an àm, ach ùine beag an dèidh sin bha mi a’ coimhead air a’ bhideo, agus phut mi air “pause” dìreach nuair a bha am bus a’ dol seachad, agus chunnaic mi seo:

Chòrd an dealbh sin rium – bha an duine coltach ri taibhse, le Uncle Sam’s air a chùl, agus fuineadair Gearmailteach ri mo chùl, a’ nochdadh anns an uinneag. (le pretzel neon!) Le bhith stadadh a’ bhideo aig puingean eile, fhuair mi dealbhan math eile: taibhsean Sonnenallee.


February 22, 2006

caileagan nuas!

Ha ha. Mhothaich mi gu robh feadhainn à Portugal a’ tighinn gu tric dhan bhlog seo, o chionn ’s gu robh iad a’ googleadh an fhacail “nuas”. Uill fhuair mi amach bho faclair Portugais air an eadar-lìon gu bheil “nuas” a’ ciallachadh “lomnochd”. Obh obh, a chàirdean, tha mi duilich – nach e briseadh-dùil mòr a bh’ann dhuibh a’ tighinn an seo. Ach cumaidh mi orm m’aodach, muito obrigado.

January 14, 2006

a’ seinn air “a’ chlàrsach naomh”

Tha mi glè mheasail air òrain “sacred harp”. ’Se seann cheòl Ameireaganach a th’ann, a thainig amach bho na h-eaglaisean Pròsdanach ann an Sassainn Nuaidh. Bhàs e an sin anns an 19mh linn ach aig an aon àm dh’imrich e gu na stàitean a deas, far a bheil e beò fhathast mar beul-aithris diadhaidh. Ach an drasda, tha na h-òrain air an seinn a rithist ’san Tuath ann an ath-bheòthachadh saoghalta. ’Se ceòl dian, fiadhaich a th’ann, oir tha a h-uile duine a’ seinn gu àrd agus coma leotha guthan “bòidheach”. Èisdibh ris na h-òrain seo bho’n còmhlan far a bheil mi a’ fuireach:

Western Massachusetts Sacred Harp Community


Tha bhideo ann cuideachd air an duilleag seo, agus chìthear mar a tha iad suidhichte, le ceàrnag fhalamh – a h-uile duine a’ coimhead air a cheile – agus neach-stiùridh ’sa mheadhan. Anns a’ bhideo seo, ’se Peter King am fear-stiùridh, agus is esan drumair leis a’ chòmhlan Cordelia’s Dad – bidh iad a’ cur seann cheòl mar seo ri cheile le ceòl roc is punc. Tha an seinneadair, Tim Eriksen, ri fhaicinn air an duilleag-dhachaidh – is esan am fear maol air an taobh chlì. Bha guth Thim anns an fhilm Cold Mountain – b’esan guth Bhreandain Gleeson. Bha òrain sacred harp anns an fhilm cuideachd.

Carson a tha an t-ainm “sacred harp” air a’ cheòl seo? ’Se a’ ghuth a th’ann an clàrsach naomh. Tha ainm eile air cuideachd – soin chruith neo “shape note”, oir tha cruth air gach soin – fa sol la agus mi. Leis a’ mhòr-chuid na h-òrain, bidh iad a’ seinn na soinean mus tòisich iad air na faclan. Seallaibh eisempleir an seo. A bheil sibh eòlach air an òran seo, Plenary? Nach eil? Well, èisdibh ris an seo, bho seinneadairean ann am Mississippi (tha Plenary sios faisg air bonn na duilleag). Ach ’s docha gu bheil na faclan aig Raibeart Burns nas fheàrr airson Oidhche Challainn!

January 05, 2006

'nam athair

Rugadh nighean againn, Dalia Eilidh, air an 19mh latha dhe'n Dùbhlachd. Tha an saoghal againn bun os cionn, ach tha sinn uabhasach toilichte. Tha i beag ach làidir, agus is toil leatha òrain Ghàidhlig. Ach is fheàrr leatha bainne!